-
Notifications
You must be signed in to change notification settings - Fork 0
/
translations_test.txt
1641 lines (1096 loc) · 68.7 KB
/
translations_test.txt
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36
37
38
39
40
41
42
43
44
45
46
47
48
49
50
51
52
53
54
55
56
57
58
59
60
61
62
63
64
65
66
67
68
69
70
71
72
73
74
75
76
77
78
79
80
81
82
83
84
85
86
87
88
89
90
91
92
93
94
95
96
97
98
99
100
101
102
103
104
105
106
107
108
109
110
111
112
113
114
115
116
117
118
119
120
121
122
123
124
125
126
127
128
129
130
131
132
133
134
135
136
137
138
139
140
141
142
143
144
145
146
147
148
149
150
151
152
153
154
155
156
157
158
159
160
161
162
163
164
165
166
167
168
169
170
171
172
173
174
175
176
177
178
179
180
181
182
183
184
185
186
187
188
189
190
191
192
193
194
195
196
197
198
199
200
201
202
203
204
205
206
207
208
209
210
211
212
213
214
215
216
217
218
219
220
221
222
223
224
225
226
227
228
229
230
231
232
233
234
235
236
237
238
239
240
241
242
243
244
245
246
247
248
249
250
251
252
253
254
255
256
257
258
259
260
261
262
263
264
265
266
267
268
269
270
271
272
273
274
275
276
277
278
279
280
281
282
283
284
285
286
287
288
289
290
291
292
293
294
295
296
297
298
299
300
301
302
303
304
305
306
307
308
309
310
311
312
313
314
315
316
317
318
319
320
321
322
323
324
325
326
327
328
329
330
331
332
333
334
335
336
337
338
339
340
341
342
343
344
345
346
347
348
349
350
351
352
353
354
355
356
357
358
359
360
361
362
363
364
365
366
367
368
369
370
371
372
373
374
375
376
377
378
379
380
381
382
383
384
385
386
387
388
389
390
391
392
393
394
395
396
397
398
399
400
401
402
403
404
405
406
407
408
409
410
411
412
413
414
415
416
417
418
419
420
421
422
423
424
425
426
427
428
429
430
431
432
433
434
435
436
437
438
439
440
441
442
443
444
445
446
447
448
449
450
451
452
453
454
455
456
457
458
459
460
461
462
463
464
465
466
467
468
469
470
471
472
473
474
475
476
477
478
479
480
481
482
483
484
485
486
487
488
489
490
491
492
493
494
495
496
497
498
499
500
501
502
503
504
505
506
507
508
509
510
511
512
513
514
515
516
517
518
519
520
521
522
523
524
525
526
527
528
529
530
531
532
533
534
535
536
537
538
539
540
541
542
543
544
545
546
547
548
549
550
551
552
553
554
555
556
557
558
559
560
561
562
563
564
565
566
567
568
569
570
571
572
573
574
575
576
577
578
579
580
581
582
583
584
585
586
587
588
589
590
591
592
593
594
595
596
597
598
599
600
601
602
603
604
605
606
607
608
609
610
611
612
613
614
615
616
617
618
619
620
621
622
623
624
625
626
627
628
629
630
631
632
633
634
635
636
637
638
639
640
641
642
643
644
645
646
647
648
649
650
651
652
653
654
655
656
657
658
659
660
661
662
663
664
665
666
667
668
669
670
671
672
673
674
675
676
677
678
679
680
681
682
683
684
685
686
687
688
689
690
691
692
693
694
695
696
697
698
699
700
701
702
703
704
705
706
707
708
709
710
711
712
713
714
715
716
717
718
719
720
721
722
723
724
725
726
727
728
729
730
731
732
733
734
735
736
737
738
739
740
741
742
743
744
745
746
747
748
749
750
751
752
753
754
755
756
757
758
759
760
761
762
763
764
765
766
767
768
769
770
771
772
773
774
775
776
777
778
779
780
781
782
783
784
785
786
787
788
789
790
791
792
793
794
795
796
797
798
799
800
801
802
803
804
805
806
807
808
809
810
811
812
813
814
815
816
817
818
819
820
821
822
823
824
825
826
827
828
829
830
831
832
833
834
835
836
837
838
839
840
841
842
843
844
845
846
847
848
849
850
851
852
853
854
855
856
857
858
859
860
861
862
863
864
865
866
867
868
869
870
871
872
873
874
875
876
877
878
879
880
881
882
883
884
885
886
887
888
889
890
891
892
893
894
895
896
897
898
899
900
901
902
903
904
905
906
907
908
909
910
911
912
913
914
915
916
917
918
919
920
921
922
923
924
925
926
927
928
929
930
931
932
933
934
935
936
937
938
939
940
941
942
943
944
945
946
947
948
949
950
951
952
953
954
955
956
957
958
959
960
961
962
963
964
965
966
967
968
969
970
971
972
973
974
975
976
977
978
979
980
981
982
983
984
985
986
987
988
989
990
991
992
993
994
995
996
997
998
999
1000
# sent_id = c01_000
# text = ach bha e neònach nach do test iad na [?] leis a' vet - cha robh duine airson an ceannach nan robh [?] na laoigh annta
# sent_id = c01_001aa
# text = cha robh còir aca an robh idir na tairbh a leigeil cuide riutha co-dhiubh
# sent_id = c01_001ab
# text = bha a' chuid a b' fhearr an dà tharbh air an cumail ann an geata
# sent_id = c01_001b
# text = cupa math tea eh?
# sent_id = c01_002
# text = àidh, bha mi 'fàs gu math cadalach a's a' chàr
# sent_id = c01_003
# text = tha an t-astar gu math fada suas a-siud bocadaich suas 's sìos
# sent_id = c01_004
# text = rinn mi fhèin cadal math air an rathad dhachaidh co-dhiubh - dhùin mi mo shùilean san deireadh
# sent_id = c01_005
# text = cha mheantraiginn-sa mo shùilean a dhùnadh idir
# sent_id = c01_006
# text = a bheil sibh ag iarraidh bioscuit?
# sent_id = c01_007
# text = chan eil
# sent_id = c01_008
# text = ciamar a chaidh do dh'[Name] air a chuairt san Eilean?
# sent_id = c01_009
# text = ò math gu leòr dh'fhuirich e ann am B&B
# sent_id = c01_010
# text = càite?
# sent_id = c01_011
# text = [Placename] I suppose
# sent_id = c01_012
# text = cò mheud a bh' ann - [Name] agus
# sent_id = c01_013
# text = [Name] agus [Name]
# sent_id = c01_014
# text = ceathrar – triùir
# sent_id = c01_015
# text = cò th' ann an [Name]?
# sent_id = c01_016
# text = chan eil fhios a'm
# sent_id = c01_017a
# text = cò bh' ann an [Name]
# sent_id = c01_017b
# text = an e gill' Èireannach a bha ann?
# sent_id = c01_018
# text = Mc [Name] a th' ann
# sent_id = c01_019
# text = bha e seo reimhe nach robh uaireigin?
# sent_id = c01_020
# text = uh huh uh huh
# sent_id = c01_021
# text = rinn mi cupa eile ann a shin
# sent_id = c01_022
# text = dè thuirt thu?
# sent_id = c01_023
# text = rinn mi cupa eile ann a shin
# sent_id = c01_024
# text = 'g iarraidh feadhainn dhiubh siud?
# sent_id = c01_025a
# text = feuch dhomh aonan
# sent_id = c01_025b
# text = cò mheud tunna feòir a bh' ann?
# sent_id = c01_026
# text = chan eil fhios a'm bidh tha mi creidsinn
# sent_id = c01_027
# text = ceithir deug ann am bi?
# sent_id = c01_028
# text = sia deug no seachd deug tha mi a' creidsinn
# sent_id = c01_029a
# text = bidh na làmhan aig cuideigin gu math goirt mus bi sinn deiseil
# sent_id = c01_029b
# text = a bheil thusa dol a dhèanamh haymakers a [Name]?
# sent_id = c01_030
# text = ò chan eil
# sent_id = c01_031
# text = bha mise a' faighinn putag a h-uile triop a bha thu a' ceannach beathach air an t-sale DR
# sent_id = c01_032
# text = dè tha an duine ud a' ciallachadh?!
# sent_id = c01_033a
# text = an d' fhuair thu test air a' van dearg
# sent_id = c01_033b
# text = an do chuir thu suas fhathast e?
# sent_id = c01_034a
# text = an seal a fhuair sinn air a son
# sent_id = c01_034b
# text = 's e an taobh ceàrr a bh' ann
# sent_id = c01_035
# text = a shìorraidh
# sent_id = c01_036a
# text = tha e thall aig [Name] Beag
# sent_id = c01_036b
# text = tha e dol dhan
# sent_id = c01_037
# text = cò aig a fhuair thu sin?
# sent_id = c01_038a
# text = M's chan eil cuimhne a'm
# sent_id = c01_038b
# text = bha còir a'm a bhith air brakes òrdachadh cuideachd ach dhìochuimhnich mi
# sent_id = c01_039
# text = tha coltas bha duine ann a shiud às na h-eileanan às a h-uile h-eilean à Leòdhas agus à tìr-mòr
# sent_id = c01_040
# text = am faca tu an Leòdhasach ud roimhe a-bhos M?
# sent_id = c01_041
# text = chan fhaca mi idir an-diugh e dè 'n duine a bh' ann?
# sent_id = c01_042
# text = duine dorcha
# sent_id = c01_043
# text = ò
# sent_id = c01_044
# text = dìreach an aghaidh aige gu math [?]
# sent_id = c01_045
# text = cha chreid mi gum faca mi idir e
# sent_id = c01_046
# text = bhiodh e toilichte faighinn beothaichean saor
# sent_id = c01_047
# text = mm?
# sent_id = c01_048
# text = bhiodh e toilichte faighinn beothaichean saor
# sent_id = c01_049
# text = tha mi creidsinn gu robh iad ceart cho saor shuas aige fhèin
# sent_id = c01_050a
# text = dè?
# sent_id = c01_050b
# text = 's dòcha gu robh
# sent_id = c01_050c
# text = an do dh'fhàg thu an còrr tea a [Name]?
# sent_id = c01_051
# text = tha cupa eile ann a shin
# sent_id = c01_052
# text = eh?
# sent_id = c01_053
# text = cupa extra
# sent_id = c01_054
# text = ò ma-thà òlaidh mise an cupa extra
# sent_id = c01_055
# text = nì e test eile math gu leòr
# sent_id = c01_056
# text = tha [Name] a' ràdh g' eil i coimhead glè mhath co-dhiubh
# sent_id = c01_057a
# text = tha e coimhead glè mhath
# sent_id = c01_057b
# text = bhiodh i handy seach an càr co-dhiubh
# sent_id = c01_058
# text = ach 'se an càr as cofhurtail
# sent_id = c01_059
# text = 'se ach a thaobh beathach a chur ann no an leithid sin
# sent_id = c01_060a
# text = tha a leithid sineach ach ma tha trèilear beag agad air a' chàr chan eil thu cho dona dheth nas motha
# sent_id = c01_060b
# text = tha an doras a' falbh air a' chàr
# sent_id = c01_060c
# text = feumaidh e a bhith air a weld-adh air
# sent_id = c01_061
# text = a bheil sibh ag iarraidh
# sent_id = c01_062
# text = feuch dha d' athair tuilleadh tì
# sent_id = c01_063
# text = no chan eil mi ag iarraidh an còrr
# sent_id = c01_064
# text = chan eil
# sent_id = c01_065a
# text = chan eil thu ag iarraidh an còrr
# sent_id = c01_065b
# text = cuir ann e ma-thà a [Name]
# sent_id = c01_065c
# text = dè mu dheidhinn [Name]?
# sent_id = c01_066
# text = fhuair esan
# sent_id = c01_067
# text = feumaidh sinn falbh an ceart-uair co-dhiubh mus caill sinn mus caill sinn na bargainean suas a-sin
# sent_id = c01_068
# text = dè tha dùil agad ri a cheannach
# sent_id = c01_069
# text = ò mur an ceannaich sinn
# sent_id = c01_070
# text = horse box
# sent_id = c01_071
# text = turbo-mowers
# sent_id = c01_072
# text = ò na ceannaich sin ge brith dè a nì thu
# sent_id = c01_073
# text = ciamar?
# sent_id = c01_074
# text = chaidh e sin a mhilleadh cho luath 's a thàinig e
# sent_id = c01_075
# text = an deachaidh?
# sent_id = c01_076
# text = [Name] [Name] a thug an [?] dhi
# sent_id = c01_077
# text = ò sin a bha ri ràdh co-dhiubh gun do mhill e i cho luath
# sent_id = c01_078
# text = ged nach milleadh tha mi creidsinn le a bhith 'na laighe ann a shin gum bi e falbh às a chèile co-dhiubh
# sent_id = c01_079
# text = shìorraidh
# sent_id = c01_080
# text = dè am fuaim a bha siud?
# sent_id = c01_081
# text = tunnag
# sent_id = c01_082
# text = cuag cuag
# sent_id = c01_083aa
# text = feadhainn dhe na h-horse-boxes mhòr tha siud am fear ùr
# sent_id = c01_083ab
# text = tha am fear sin ann 's ach nuair a bhiodh am fear sin sìos is suas a [Placename] bhitheadh tu na b' fhearr as a aonais nam faigheadh tu grant air fear ùr dhiubh
# sent_id = c01_083b
# text = bhiodh tu ceart cho math dhe
# sent_id = c01_084a
# text = am faca tu an t-airgead a fhuair fear an [Name] an-dràsta
# sent_id = c01_084b
# text = tha e air ten thousand eile fhaighinn air an son
# sent_id = c01_085
# text = airson am fast track aig'
# sent_id = c01_086a
# text = dè?
# sent_id = c01_086b
# text = chan ann ach airson agricultural machinery mower 's smodal
# sent_id = c01_087
# text = bha dùil a'm nach ann an siud a bhiodh e
# sent_id = c01_088aa
# text = ann an bha
# sent_id = c01_088ab
# text = cha chreid mi nach eil mower air ainmeachadh
# sent_id = c01_088b
# text = nach thuirt M
# sent_id = c01_089
# text = cha chreid mi nach robh ann ach equipment
# sent_id = c01_090
# text = equipment 's dòcha a bh' ann
# sent_id = c01_091
# text = àidh gheibheadh e twenty-five percent dhen fast track
# sent_id = c01_092
# text = um hmm
# sent_id = c01_093a
# text = dè bhiodh sin?
# sent_id = c01_093b
# text = tha sin smaoineachail daor
# sent_id = c01_094
# text = bhiodh e mu forty-thousand
# sent_id = c01_095
# text = bhà no an còrr
# sent_id = c01_096
# text = mas e a ghearradh cuide ris se tha mi smaointinn bhiodh [Name] e fhèin a' faighinn an ceathramh cuid dhen tractor mhòr a tha e faighinn dha fhèin
# sent_id = c01_097
# text = [Name]
# sent_id = c01_098
# text = ò [Name] chan fhaca thu e sa phàipear
# sent_id = c01_099
# text = ò chan fhaca
# sent_id = c01_100
# text = Hosta Machineries
# sent_id = c01_101
# text = bha dùil a'm nach robh iad a' faighinn dad air tractors a-nisd
# sent_id = c01_102
# text = [?]
# sent_id = c01_103
# text = feumaidh gu bheil iad tòiseachadh a-rithist air
# sent_id = c01_104
# text = tha ach chan eil àsan ach ga chuir sìos mar equipment
# sent_id = c01_105a
# text = tha e gu math mì-fhair ma gheibh aon duine eile e fhios a'd nach eil e open dhan a h-uile duine fhios agad
# sent_id = c01_105b
# text = chan eil a's an tractor tha sineach ach rud gun rud
# sent_id = c01_106
# text = dè tha thu faighinn leis ach an luaths airson falbh air an rathad mhòr
# sent_id = c01_107
# text = àidh ach dè math tha sin airson àidh cha dèanadh iad treabhadh no rud eile an siud
# sent_id = c01_108
# text = ò tha fhios gun dèanadh
# sent_id = c01_109
# text = ò shìorraidh tha na tyres aige cho leathann
# sent_id = c01_110
# text = cha d'reaghadh e fodha co-dhiubh
# sent_id = c01_111
# text = Ò uill cha d'reaghadh
# sent_id = c01_112
# text = nan slaodadh e fear dhe na trailing ploughs mhòr a tha siud às a dhèidh
# sent_id = c01_113
# text = mmhmm
# sent_id = c01_114
# text = ach 's dòcha an idea a bh' ann gun obrachadh e an trèilear ann a sheo nam biodh an lòraidh air falbh fhios agad
# sent_id = c01_115
# text = 's e ach dh'fheumadh tu trèilear mòr uamhasach air a shon
# sent_id = c01_116
# text = chan e ach an trèilear a th' aca airson an lòraidh
# sent_id = c01_117
# text = ò dhèanadh e sineach àidh creidsinn gun fhearr dhuinn feuchainn suas bheil thu dol suas [Name]?
# sent_id = c01_118
# text = àidh tha
# sent_id = c01_119
# text = a' chailleach fhàgail a-staigh
# sent_id = f03_000
# text = Bha Ludovic 'na chabhaig, agus aithreachas air.
# sent_id = f03_001
# text = Bha e air fuireach thall ro fhada air chéilidh.
# sent_id = f03_002
# text = Dh’aindeoin nan rabhaidhean a fhuair e, bu ghann a thàr e nall as an eilean 's an làn reothairt a' tighinn 'na dheann.
# sent_id = f03_003
# text = Gu dearbha, b' ann air èiginn - a bhriogais dheth 's am baidhseagail air a dhruim - a fhuair e nall gu Geàrraidh a’ Bhota, dìreach mun do dhùin an fhadhail.
# sent_id = f03_004
# text = Thiormaich e e fhéin mar a b' fheàrr a b' urrainn dha le badan feòir agus dhìrich e chun an rathaid.
# sent_id = f03_005
# text = Bha Eòghainn Mhurchaidh shuas air Cnoc 'Ic Phàil aig caoraich.
# sent_id = f03_006a
# text = “Dhuine gun tùr," dh’eubh e nuas, "'S ann ort a chaidh an sàbhaladh!
# sent_id = f03_006b
# text = Deich mionaidean eile 's bha thu bàite, cinnteach.
# sent_id = f03_007
# text = Nach tu bha gun tonaisg, ge-ta."
# sent_id = f03_008
# text = Ach cha robh ùine aig Ludovic fuireach ri còmhradh.
# sent_id = f03_009
# text = Smèid e agus leum e air an dìollaid, 's e airson na b' urrainn dha de dh’astar a dhèanamh mun dorchnaicheadh i, 's gun lampa no dad eile air a’ ghliogaid baidhseagail a bh' aige an iasad.
# sent_id = f03_010
# text = Bha rathad na mòintich timcheall nam bàgh 'na chùis uamhais le tuill 's le claisean, 's bha e gu math doirbh dha astar a dhèanamh.
# sent_id = f03_011
# text = Bhiodh e na b' fheàrr dheth, ge-ta, nuair a ruigeadh e Aird a' Chlachair.
# sent_id = f03_012
# text = Bhiodh an rathad tearradh agus a’ ghaoth 'na chùl aige an uairsin.
# sent_id = f03_013
# text = Shaoil e gun dèanadh e an Tobhta dheth ann an trì chairteil na h-uaireach mus biodh cus uallaich air Màiri Anna.
# sent_id = f03_014
# text = “Bidh mi air ais mun dorchnaich i," thuirt e mun do dh’fhàg e 'sa mhadainn.
# sent_id = f03_015
# text = Thàinig i nuas cuide ris gu ceann an rathaid.
# sent_id = f03_016
# text = “Ma bhitheas, 'se chiad uair dhuit e," ars ise.
# sent_id = f03_017
# text = 'S neònach leam-sa mura téid thu shuiridhe dh’àiteigin air do thilleadh, mur do dh’atharraich thu.
# sent_id = f03_018
# text = Ach mura nochd thu roimh mheadhan-oidhche, glasaidh mi 'n dorus ort."
# sent_id = f03_019
# text = Rinn e gàire.
# sent_id = f03_020
# text = 'S e dh’fhaodadh, is fhios aige nach dèanadh i dad dhe leithid.
# sent_id = f03_021
# text = 'S iomadh uair, nuair a bha e dol do sgoil an Rubha agus e loidseadh aice, a bhiodh e muigh gu uair 'sa mhadainn; 's cha robh an dorus glaiste riamh.
# sent_id = f03_022
# text = “Feuch a-neist, 'ille, nach beir an làn ort.
# sent_id = f03_023
# text = Ma chailleas tu an fhadhail, cuir fón thugam a Post Office an eilein.
# sent_id = f03_024
# text = Bi cinnteach, a neisd, ma chailleas tu do shuim nach toir thu oidhirp air an fhadhail, mus bàthar thu.
# sent_id = f03_025
# text = B' fheàrr dhuit cus fuireach thall gu madainn na thu fhéin a chur an cunnart a' greasad dhachaidh.
# sent_id = f03_026a
# text = Cuimhnich a-neist!"
# sent_id = f03_026b
# text = Chòrd e ris mar a thuirt i “dhachaidh" mar siud, ged a bha a dhachaidh an diugh - nuair a bha e air tìr, co-dhiù - ann an Glaschu, cuide ri mhàthair.
# sent_id = f03_027
# text = Bha ise toilichte gun tàinig e an taobh ud am bliadhna, a choimhead air na seann eòlaich a b' aithne dha nuair a bha e dol dha 'n sgoil ann a sheo.
# sent_id = f03_028
# text = Cha robh a’ bhuain buileach seachad nuair a thàinig e agus thug e cuideachadh math do Mhàiri Anna a’ chiad sheachdain an déidh dha tighinn.
# sent_id = f03_029
# text = Bha Oighrig Mhór, a’ chailleach, air fàs lapach 's cha b' urrainn dhi ceangal no togail a dhèanamh; agus cha robh Eóghainn, an gille, ach beagan is deich fhathast, ged a bha e dìcheallach gu leòr.
# sent_id = f03_030
# text = Cha robh esan ach mu dhà bhliadhna nuair a chailleadh athair.
# sent_id = f03_031
# text = An déidh an liuthad sàbhaladh a chaidh air iomadach uair ri droch shìde, chaidh Uilleam bochd a bhàthadh - e fhéin is Lachlainn Sheumais - air latha brèagha samhraidh, 's iad a' togail chliabh.
# sent_id = f03_032
# text = Feadhainn a bha ràdh gun deach iad ro fhaisg air na boghannan 's gun do rug am bristeadh orra gun fhiosda.
# sent_id = f03_033
# text = Co-dhiù, fhuair iad an t-eathar, 's i 'na spealgan, air an Rubha Gharbh agus na cuirp shuas a tuath air an Tràigh Ghil, faisg air a' Chaolas Mhór.
# sent_id = f03_034
# text = Sean a’ bhliadhna thàinig e dha 'n sgoil an seo, agus cha robh Màiri Anna ceart as a chionn, 's i cho sàmhach, fad-as 'na dòigh aig an àm a chaidh e dh’fhuireach thuca an toiseach.
# sent_id = f03_035
# text = Bha cuimhn' aige air Uilleam o'n a bha e 'n Glaschu: duine mór socair, sàmhach.
# sent_id = f03_036
# text = Cha tigeadh gàire ro thric air, ach nuair a thigeadh bhiodh aghaidh a' lasadh ann an dòigh a bha iongantach, mar a lasas aodann gill' òig.
# sent_id = f03_037
# text = B' ann nuair a bha Uilleam is Màiri Anna pòsda ann an Glaschu a chuireadh eòlas an toiseach orra.
# sent_id = f03_038
# text = Ge b'e dé bu choireach, bha Uilleam trom air an deoch aig an àm.
# sent_id = f03_039
# text = B' ann nuair a chaill e obair 's a dhachaidh, 's gun sgillinn ruadh no gheal aca, a rinn a mhàthair-san an rud nach do dhìochuimhnich Màiri Anna riamh.
# sent_id = f03_040
# text = Thabhainn i fasgadh is dachaidh dhaibh gus an d’ fhuair Uilleam e fhéin a chur air dòigh agus cothrom tilleadh a dh’obrachadh croit athar.
# sent_id = f03_041
# text = Cha robh cuimhne ro mhath aig Ludovic air na bha tachairt 'sna bliadhnaichean a bha siud; bha e òg 's a' ruith nan sràidean, gun for aige ach air a ghnothaichean fhéin.
# sent_id = f03_042
# text = Ach is iomadh uair o'n uairsin a bheachdaich e gur ann aig a mhàthair a bha an cridhe 's a’ mhisneachd, 's i fhéin 'na banntraich le sianar chloinne.
# sent_id = f03_043
# text = Ach bhiodh moit air nuair a bheireadh Màiri Anna tarraing air, rud a dhèanadh i iomadach uair.
# sent_id = f03_044
# text = Bha e neisd a' tighinn am fianuis na h-Airde agus chitheadh e solus an tigh-sheinnse, ged nach robh biùg as na tighean eile fhathast.
# sent_id = f03_045
# text = Ma bha 'n rathad 'na uamhas roimhe, bha an truaighe buileach air a neisd.
# sent_id = f03_046
# text = Bhiodh muinntir na h-Airde a' tarraing mhònadh air a' phìos seo dheth agus bha a bhuil air.
# sent_id = f03_047
# text = Nuair a bhuail e 'sa ghròban mhór, thug am baidhseagail leum as agus thàinig an roth-thoisich a nuas air a’ chloich le droch sgailc eagalach.
# sent_id = f03_048
# text = Rinn e na damanaidhean cumhachdach nuair a chuala e fead na gaoithe a' tighinn aisde.
# sent_id = f03_049
# text = Stad e is dh’fhàisg e le òrdaig i, ach cha mhòr gu robh sad air fhàgail innte, 's i sìor fhalamhachadh.
# sent_id = f03_050
# text = Bha fhios aige gum biodh bùtha Dhùghaill dùinte neisd, ach nan ruigeadh e 'n tigh-seinnse 'na uair 's dòcha gum biodh cuideigin an sean le baidhseagail a bheireadh rud dha a chàireadh am blaigh inneil seo.
# sent_id = f03_051
# text = Thog e air, 's e cuibhleadh a’ bhaidhseagail roimhe agus an dorchadas a' tighinn.
# sent_id = fp03_000
# text = Tha Mairearad Nighean Lachlainn air aon de na bana-bhàird a bha beò mu dheireadh na seachdamh linn deug agus mu thoiseach na h-ochdamh linn deug.
# text_en = Mairearad Nighean Lachlainn is the name of one of the female poets who was alive at the end of the seventeenth century and around the beginning of the eighteenth century.
# sent_id = fp03_001
# text = A réir an Ollaimh MacBhàtair, rugadh i mu 1660 agus chaochail i mu 1730, ach tha MacGill-Eain Mac na Ceàrdaich, 'na leabhar Na Bàird Ghàidhealach eadar 1715 agus 1765, ag ràdh; Is e an dàn a rinn i an 1751 'Òran do Shir Eachann MacGill-Eain', a chaochail anns an Ròimh an 1751.
# text_en = According to Professor Watson, she was born around 1660 and died around 1730 but Maclean Sinclear, in his book "The Gaelic Bards: from 1715 to 1765", says; "The poem she wrote in 1751 'Òran do Shir Eachann MacGill-Eain', who died in Rome in 1751.
# sent_id = fp03_002a
# text = Am b' i Mairearad a rinn an dàn seo?
# text_en = Was it Mairearad who wrote this poem?
# sent_id = fp03_002b
# text = Tha Mac na Ceàrdaich cinnteach gum b' i.
# text_en = Sinclair is sure that it was.
# sent_id = fp03_003
# text = Tha Pàdraig Mac an Tuairneir de 'n cheart bharail, agus tha e soilleir nach robh Mac na Ceàrdaich ag aithris air Mac an Tuairneir a-mhàin oir tha iomadh eadar-dhealachadh bhriathran eatorra.
# text_en = Peter Turner is of the correct opinion, and it is clear that Sinclair was not reporting solely on Turner for there are many differences of opinion between them.
# sent_id = fp03_004
# text = Mar eisimpleir, tha Mac an Tuairneir a' tòiseachadh mar a leanas; Chan eil rann seach rann ag ràdh gu deimhinneach gu bheil Eachann marbh, 's cha mhotha tha rann eile anns an òran ag ràdh a leithid, ach a-mhàin gun dàinig a sgeul bàis; ach tha an siathamh rann (anns gach clò-bhualadh) a' nochdadh gum b' ann an déidh Blàr Chùil-Lodair a rinneadh an t-òran; Uime sin, ma tha Mac an Tuairneir agus Mac na Ceàrdaich ceart ann a bhith ag cur an òrain seo as leth Mairearaid, bha i beò an 1746 agus, a réir gach coltais, an 1751.
# text_en = For example, Turner begins as follows;
# sent_id = fp03_005
# text = A thaobh an òrain a rinneadh an 1702, chan urrainn nach e seo an t-òran do Shir lain MacGill-Eain a tha a' tòiseachadh; B' i Anna a’ bhan-righinn oir tha an dara rann ag ràdh, ‘Nam b' fhiosrach Ban-righ'nn Anna.'
# sent_id = fp03_006
# text = Ged a thuirt e 1702 anns na Bàird Ghàidhealach, tha Mac na Ceàrdaich ag ràdh anns an leabhar The Clan Gillean; <English_text> Gidheadh, faodar a bhith cinnteach gu robh Mairearad ris na h-òrain roimh 1702, agus cha mhór dà bhliadhna anns an aois mhóir a fhuair Mairearad a réir beul-aithris.
# sent_id = fp03_007
# text = Dh’fhaodadh gun d’ rugadh i mu 1660 agus gun robh i beò an 1751, gu h-àraidh a chionn nach eil òran air a chur as a leth roimh 1689 no 1692, agus tha beul-aithris ann gun robh i 'na meadhon aois mun do shin i air bàrdachd.
# sent_id = fp03_008
# text = Anns a’ bhliadhna 1821 chlò-bhuaileadh an Inbhir Nis le Seumas Friseal Co-chruinneachadh Dhàn, Òran, etc., agus tha dà òran ann air an ainmeachadh air Mairearad; 'Gaoir nam Ban Muileach', agus duan beag eile, 'Do chloinn Ghill-Eain air do na Caimbeulaich buaidh fhaotainn orra'.
# sent_id = fp03_009a
# text = Seo mar tha an duan a' tòiseachadh; Có 'aon mhac Sir Lachun'?
# sent_id = fp03_009b
# text = Cha robh ach aon Lachlann 'na cheann-cinnidh air Cloinn Ghill-Eain eadar bàs Lachlainn Mhóir an 1598 agus 1751.
# sent_id = fp03_010
# text = B' esan Lachlann, am 'fear bu mheasaile 'n campa Mhontrois'.
# sent_id = fp03_011
# text = Chaochail e an 1648, ach bha dithis mhac aige, Eachann Ruadh, a mharbhadh aig Inbhir-chéitein an 1651; agus Ailean, athair Shir lain.
# sent_id = fp03_012
# text = Bha Ailean 'na cheann-cinnidh eadar 1651 agus 1674.
# sent_id = fp03_013
# text = Tha an 'duanag' aig Mac na Ceàrdaich mar seo; Chan eil teagamh nach eil Mac na Ceàrdaich ceart anns a’ chùis seo.
# sent_id = fp03_014
# text = B' e Sir lain an 'cuilean leòghainn', aon mhac Shir Ailein.
# sent_id = fp03_015
# text = Bha Iain 'na cheann-cinnidh eadar 1674 agus 1714, agus gu dearbh is iomadh latha bha e 'bhuainn le cluain nan Duibhneach'.
# sent_id = fp03_016
# text = An 1674 thòisich na Caimbeulaich air milleadh a dhèanamh air Muile, agus a rithist an 1679 agus an 1680.
# sent_id = fp03_017
# text = Cha robh lain ach ceithir bliadhna a dh’aois an 1674, agus eadar 1674 agus 1686 b' e Lachlann Bhròlais fìor cheannard Chloinn Ghill-Eain.
# sent_id = fp03_018
# text = Chaochail Lachlann Bhròlais an 1686, agus ghabh Lachlann Thorrloisg an ceannas.
# sent_id = fp03_019
# text = Cha b' ann gus an do chaochail Lachlann Thorrloisg, an 1687, a b' urrainn do neach a ràdh gun robh Sir lain 'na cheann-feadhna da-rìreadh, agus cha robh e ach seachd bliadhna deug an uair sin fhéin.
# sent_id = fp03_020
# text = An 1688 theich Rìgh Seumas do 'n Fhraing.
# sent_id = fp03_021
# text = Chaidh Sir lain as a dhéidh, ach thill e a Mhuile an 1689, dh’éirich Clann Ghill-Eain leis, agus bha iad air deas làimh an airm Sheumasaich aig Cath Raon Ruairi (Coille-chnagaidh).
# sent_id = fp03_022
# text = Ach mharbhadh an Greumach, agus chaidh an t-ar-a-mach bun os cionn, agus b' fheudar do Shir lain tilleadh a Mhuile.
# sent_id = fp03_023
# text = Dh’éirich na Caimbeulaich a rithist, agus an 1690 thàinig Gilleasbuig, an deicheamh iarla, a Mhuile le arm mór.
# sent_id = fp03_024
# text = Ghabh Sir lain dìon an Càrn-Burg, ach anns a’ mhìos Mhàrt 1692 ghéill e do 'n Riaghaltas agus thill e do 'n Fhraing beagan ùine an déidh dha Càrn-Burg fhàgail.
# sent_id = fp03_025
# text = Theagamh gum b' ann eadar 1692 agus 1704 no 1702 a rinneadh an duanag agus gur i an t-òran as sine a tha air fhàgail de bhàrdachd Mairearaid.
# sent_id = fp03_026
# text = Uime sin, faodar a h-obair a chur eadar 1692 agus 1751.
# sent_id = fp03_027
# text = Chan eil fhios againn ach air fìor bheag mu a beatha.
# sent_id = fp03_028
# text = Ré iomadh bliadhna cha robh cinnt mu a h-ainm, am bu Dhòmhnallach no Leathanach i.
# sent_id = fp03_029
# text = Tha dearbhadh air a’ chùis do nach tug Mac na Ceàrdaich an aire.
# sent_id = fp03_030
# text = Rinn Mairearad marbhrann do Ailean, mac Lachlainn Bhròlais, a chaochail an 1722.
# sent_id = fp03_031
# text = Ann an rann de 'n òran seo, air dhi bhith a' moladh Ailein agus chloinn Ghill-Eain, tha i ag ràdh; Chan eil aon teagamh nach e Clann Ghill-Eain 'cinneadh a màthar'.
# sent_id = fp03_032
# text = Ann an 'Gaoir nam Ban Muileach', ann a bhith ag caoidh bàs Shir lain, tha i ag ràdh; Tha e soilleir gum b' e Ailean Mùideariach a 'ceann-cinnidh thaobh athar'.
# sent_id = fp03_033
# text = Uime sin, tha e soilleir gum bu Bhan-Dòmhnallach de Chloinn Raghnaill Mairearad, agus gum bu Nic Gill-Eain a màthair.
# sent_id = fp03_034
# text = Chan eil teagamh sam bith nach robh Mairearad pòsda aig fear de chloinn Ghill-Eain, agus tha e cuideachd cinnteach gun do chaith i a beatha am Muile, agus gum b' e Clann Ghill-Eain cuspairean a dàn, có dhiubh anns na dàin a tha againn fhathast.
# sent_id = fp03_035
# text = Cha do chuir Iain MacCoinnich ach seachd rannan de 'Ghaoir nam Ban Muileach' ann an Sàr Obair.
# sent_id = fp03_036
# text = Cha b' fhiach leis an còrr de a bàrdachd a chur 'na leabhar, ged tha e ag ràdh; Cha robh aige ach fíor dhroch bharail air bàrdachd Mairearaid.
# sent_id = fp03_037
# text = Cha robh i, 'na bheachd-san, idir faisg air Diorbhail Nic a' Bhriuthainn, mu 'm bheil e ag ràdh; Tha sinne a' dìoghladh air an dìmeas a rinn MacCoinnich air Mairearad, oir chan eil againn ach a h-aon deug de a dàin, ged a chunnaic Iain MacCoinnich cóig ar fhichead.
# sent_id = n01_000
# text = Well, chuala mise mar a bha siodach ann ma-thà rìgh agus bha e pòsta agus bha triùir ghillean aige agus nighean agus 's e an nighean bu shine.
# sent_id = n01_001
# text = Agus bhàsaich a bhean air e seo agus cha robh a' chlann ach car òg.
# sent_id = n01_002
# text = Agus 's ann a phòs e a-rithist.
# sent_id = n01_003a
# text = Agus bha a-nist a' bhàn-righinn ùr
# sent_id = n01_003b
# text = bha i còmhla ris agus bha i a' coimhead as dèidh na cloinne.
# sent_id = n01_004
# text = Bha deagh mheas aice air a' chloinn cuideachd.
# sent_id = n01_005a
# text = Ach cò a-seo a thàinig latha rathad na [?] ris
# sent_id = n01_005b
# text = cha robh an rìgh a-staigh ach tè ris an canadh iad an Eachlair Ùrlair agus cha robh i a-riamh ach a' dèanamh croisean.
# sent_id = n01_006a
# text = Agus dh'fhoighneachd i dhan bhànrighinn "seadh" ars' ise, "gu dè mar," ars' ise, "a tha thu fhèin 's an rìgh," ars' ise, "a' tighinn air aghaidh?"
# sent_id = n01_006b
# text = "O tha mise 's a' rìgh," ars' a' bhànrighinn, "a' tighinn air aghaidh glè mhath, chan eil dad de dh'aithreachas orm."
# sent_id = n01_008
# text = "O tha cuideachd chan eil agamsa air a' chloinn," ars' ise, "ach mar gum beirinn fhìn iad."
# sent_id = n01_009
# text = "O a' bhròinein bhochd" ars' ise, "'s tusa tha gòrach," ars' ise.
# sent_id = n01_010
# text = "Carson," ars' a' bhàn-rìgh.
# sent_id = n01_011
# text = "Ged a bhàsaicheadh do rìgh a-màireach," ars' ise, "cha bhiodh sìon agadsa mar seo.
# sent_id = n01_012
# text = Ach ma dh'fhaoidte thèid d' fhuadachadh air falbh às a-seo buileach".
# sent_id = n01_013
# text = "O Leabhara," ars' a' bhàn-rinn, "ged a dhèante sin fhèin orm," ars' ise, "cha dèan mise sin air a chaoidh," ars' ise.
# sent_id = n01_014
# text = "Tà 's e an rud a nì thu", ars' ise, "cuir thusa thugamsa iad," ars' ise, "agus cha tig iad gu sìon a chron dhutsa", ars' ise.
# sent_id = n01_015
# text = "O chan eil mi air a shon idir", ars' a' bhàn-rìgh.
# sent_id = n01_016
# text = "Od" ars' ise, "cuir thusa suas a-màireach iad, cuir thusa suas a-màireach," ars' ise, "duine ma seach ach a dh'iarraidh na Cìre Buidhe", ars' ise "'s cha chuir iad an còrr dragh ort.
# sent_id = n01_017
# text = 'S cha chuir mise crìoch idir ort".
# sent_id = n01_018
# text = Uill 's ann mar seothach a bhà, dh'fhalbh an Eachlair Ùrlair.
# sent_id = n01_019
# text = Agus làrna-mhàireach a-seo bha an rìgh bhiodh e a' falbh a's a' bheinn-sheilg daonnan agus nuair a dh'fhalbh e dhan bheinn-sheilg co-dhiubh thuirt i ri am fear a b' òige dhe na gillean thuirt i ris "a ghràidhein", ars' esan ars' ise, "nach rachadh tusa suas", ars' ise, "agus, chun an Eachlair Ùrlair," ars' ise, "a dh'iarraidh na Cìre Buidhe," ars' ise.
# sent_id = n01_020
# text = Agus cha bhi agad ri ràdh", ars' ise, "ach gun tàna tu a-nuas, gun do chuir mi fhèin a-nuas" ars' ise, "a dh'iarraidh na Cìr Buidhe thu."
# sent_id = n01_021
# text = Dh'fhalbh e, an gille bochd ghabh e suas ràinig e taigh an Eachlair Ùrlair.
# sent_id = n01_022
# text = "Seadh" ars' ise dha ars' ise, "càil thu a' dol?" ars' ise.
# sent_id = n01_023
# text = "Chuireadh" ars' esan, "mo mhuime a-nuas mi a dh'iarraidh" ars' esan, "na Cìre Buidhe" ars' esan.
# sent_id = n01_024
# text = "fhalbhaibh dha" ars' ise "siud i air an dreasair thall 'is thoir leat i".
# sent_id = n01_025
# text = Agus dh'fhalbh e dh'fhalbh an gille a-null 's a' chìr air an dreasair 's e a' dol a-null dha togail 's mun do ràinig e an dreasair thog ise slacan draoidheach agus bhuail i air a' ghille e agus rinn i fitheach dubh dhe.
# sent_id = n01_026
# text = Agus nuair a bha e a' dol a-mach an doras thug e a aghaidh air an doras nuair a bha e a' dol a-mach an doras chuir e brùchd faladh a-mach agus bha e air a' [?].
# sent_id = n01_027
# text = Agus bha e a' gòraiceil a-sineach air an t-sitig.
# sent_id = n01_028
# text = Agus ghabh iad an seo fadachd air an robh e a' tighinn agus thuirt a' mhuime ris an fhear eile "'s fhearr dhut sealltainn" ars' ise "feuch gu dè a dh'èirich dha do bhràthair," ars' ise.
# sent_id = n01_029
# text = "Chan eil Dubhan air tighinn."
# sent_id = n01_030
# text = Dh'fhalbh am fear sin.
# sent_id = n01_031
# text = Agus ràinig e taigh an Eachlair Ùrlair.
# sent_id = n01_032a
# text = "Am faca sibh," ars' esan "mo bhràthair an seo?"
# sent_id = n01_032b
# text = "O chan fhaca gu dearbh," 's bha an fhitheach ag obair air nuair a thàinig e a-staigh ag obair air gòraiceil 's a' speach air.
# sent_id = n01_033a
# text = "Chan fhaca gu dearbh," ars' ise, "cà robh e," ars' ise
# sent_id = n01_033b
# text = "Chuir," ars' esan, "chuir mo mhuime a-nuas e o chionn ùine," ars' esan, "a dh'iarraidh na Cìre Buidhe", ars' esan "agus cha do ràinig e idir" ars' esan.
# sent_id = n01_034a
# text = Agus, "O cha robh e seo co-dhiubh," ars' ise, "ach tha a' Chìr Bhuidhe," ars' ise, "thall air an dreasair," ars' ise "agus ma tha thusa a' dol dha toirt leat i," ars' ise, "theirig a-null 's tog leat i"
# sent_id = n01_034b
# text = Dh'fhalbh an gille bochd 's ghabh e a-null chon an dreasair 's man do ràinig e an dreasair fhuair e sràcan [?] 's rinneadh fitheach dubh dhe fhèin.
# sent_id = n01_035
# text = Cha robh ach, thug e a aghaidh air an doras agus chunnaic e an fhuil a's an dol seachad e agus chuir e fhèin a leithid eile ann.
# sent_id = n01_036
# text = Agus chaidh e a-mach agus bha a bhràthair a' gòraiceil a-muigh agus chaidh na dà fhitheach aca còmhladh.
# sent_id = n01_037
# text = Ach co-dhiubh seothach, bhathar a' gabhail fadachd air an fhear seo agus chuireadh air falbh an treas fear agus mar a dh'èirich air chàch, dh'èirich e dhan fhear seo nuair bha e 'g iarraidh na Cìre Buidhe dh'fhoighneachd e am fac' i a bhràthair 's chan fhaca ise duine aca.
# sent_id = n01_038
# text = Agus dè bha iad ag iarraidh, bha iad ag iarraidh na Cìre Buidhe ars' esan agus "dà" ars' ise, "tha a' Chìr Bhuidhe an sin" ars' ise, "tha i thall air an dreasair" ars' ise, "'s tog thusa leat i a ghràidhein" ars' ise.
# sent_id = n01_039
# text = Dh'fhalbh e a-null dha togail 's man do ràinig e an dreasair fhuair e fhèin an slacan draoidheach is rinneadh fitheach dubh eile dhe.
# sent_id = n01_040
# text = Agus nuair a bha e a' dol a-mach an doras thug e an aire dha brùchd na faladh ud, na dhà aig a bhràithrean agus chuir e fhèin fear eile comhl' riutha.
# sent_id = n01_041
# text = Ach co-dhiubh seothach ràinig [?] ràinig an nighean.
# sent_id = n01_042
# text = Bhathar a' gabhail fadachd air na gillean agus cha robh na gillean a' tighinn agus thuirt i ris an nighinn "'s fhearr dhutsa" ars' ise, "sealltainn suas" ars' ise "feuch gu dè dh'èirich," ars' ise, "dhan an triùir dha na gillean" ars' ise "na deach iad ann," ars' ise, "an d' fhuair iad a' Chìr Bhuidhe" ars' ise, "no cà' deachaidh iad".
# sent_id = ns05_000
# text = Tha aon de 'n fheadhainn a tha ag iomairt an aghaidh sgeama an riaghaltais son pàrlamaid Albannach, a' cumail a-mach nach bu choir dhan a’ phàrtaidh Làbarach a bhith a' feuchainn ris na duilgheadasan aca ann am Pàislig a chumail am falach.
# sent_id = ns05_001
# text = Tha 'm Mòrar Friseal bho Carmylie, a tha na stiùiriche air an iomairt Think Twice, ag ràdh gu bheil dragh air mòran mu 'n an dol-a-mach ann an cuid do chomhairlean roinneil na dùthcha, agus gu bheil sin a' toirt droch bhuaidh air poileataigs na h-Alba 'san fharsaingeachd.
# sent_id = ns05_002
# text = Tha 'm Mòrar Friseal den a’ bheachd gum bu choir cead a thoirt don a’ Bhall-Pàrlamaid Làbarach, Tommy Graham, mìneachadh dè dìreach a th' air a bhith a' tachairt ann an siorrachd Renfrew.
# sent_id = ns05_003a
# text = Chaidh sreapadair aois ceithir bliadhna deug thar fhichead a thogail far beanntan Thoirbheartain feasgar an dè, as dèidh dha a chas a ghoirteachadh
# sent_id = ns05_003b
# text = Bha Stephen Dix à Livingstone a' coiseachd air Beinn Liathach còmhla ris a bhean an uair a chuir e car na ghlùin.
# sent_id = ns05_004
# text = Agus b' fheadar fireannach eile a thogail far beanntan Gleann Comhainn, as deidh dha tuiteam còrr is ceud troigh 's e a' sreap air Aonach Dubh.
# sent_id = ns05_005
# text = Chaidh Donnchadh Dewer, aois seachd bliadhna deug thar fhichead à baile Schotts a thoirt gu ospadal a' Bhelford 'sa Ghearasdan.
# sent_id = ns05_006
# text = Chaidh a thoirt gu ospadal à Raig Mhor le heileacoptair feachd an adhair.
# sent_id = ns05_007
# text = Tha na poilis a tha rannsachadh murt Thomas Marshal, ag ràdh gu bheil iad airson faighinn a mach an robh caraid dìomhair aig a’ bhalach, gun fhiosda dha theaghlach.
# sent_id = ns05_008
# text = Chaidh an corp aig Tòmas, a bha dusan bliadhna dh’aois, a lorg faisg air baile Thetford ann an Sasuinn Dihaoine 'sa chaidh.
# sent_id = ns05_009
# text = Chaidh e air dhith bho dhachaidh ann am Happisburgh air an latha roimhe sin.
# sent_id = ns05_011
# text = Tha 'n comhairle air diùltadh dad a ràdha mu dè a th' aca san amharc son a’ phort-adhair.
# sent_id = ns05_012
# text = Tha poilis Alba air iomairt ùr a chur air chois, son feuchainn ri bhith a' toirt air draibhearan na criosan sàbhalaidh aca chleachdadh.
# sent_id = ns05_013
# text = Maridh an iomairt cola-deug, agus tha na poilis ag ràdh gu bheil iad gu h-àraid airson ruighinn ri pàrantan nach eil a' toirt air an cuid chloinne na criosan a chleachdadh.
# sent_id = ns07_000
# text = Tha Rùnaire Èirinn a Tuath Mo Mowlam air co-dhùnadh gu bheil fois-fhòirneirt an IRA a' seasamh.
# sent_id = ns07_001
# text = Fhuair i a dubh-chàineadh bho luchd an aonaidh, a tha ag radha gu bheil an co-dhùnadh do-chreidsinneach.
# sent_id = ns07_002
# text = Thuirt Mo Mowlam gun deach an IRA glè fhaisg air an fois-fhòirneirt a bhriseadh leis a’ phàirt a bh' aca ann am murt draibheir tacsaidh am Beul Fearst, ach nach do bhris i.
# sent_id = ns07_003
# text = Tha na Libearalaich Dheamocratach a' dol as àicheadh gu bheil iad ann am pòcaid a’ Phàrtaidh Làbaraich ann an co-bhanntachd riaghaltas na h-Alba.
# sent_id = ns07_004
# text = Bha coinneamh shònraichte aca ann an Dùn Èideann a dh’ath-sgrùdadh an càirdeas leis na Làbaraich.
# sent_id = ns07_005
# text = Thuirt fear-gairm nan Lib Deamach 'sa Phàrlamaid - Seòras Lyon - gur e pàrtaidh air leth a bh' annta, 's nach eil iad ach a' co-obrachadh airson ceithir bliadhna.
# sent_id = ns07_006
# text = Tha luchd-einnseanaraidh anns an Tuirc air tòiseachadh a' tomhais dè na togalaichean a tha sàbhailte do dhaoine tilleadh annta an deidh na crith-thalmhainn.
# sent_id = ns07_007a
# text = Tha Ambasaid na Tuirc air comhair iarraidh bho bhuidheann carthannais stèidhichte air a’ Ghaidhealtachd
# sent_id = ns07_007b
# text = Tha Blythswood a' dol a chur pladaichean, aodach agus brògan a-null, leis a’ chiad luchd a' falbh DiSathairn.
# sent_id = ns07_008
# text = Chaidh fear de cheannardan Mosque ann an Glaschu a chur dhan phrìosan airson ionnsaidh dhrabasta a thoirt air dithis bhalach òg.
# sent_id = ns07_009
# text = Fhuair Taher Din - a tha ceithir bliadhn' deug thar fhichead - bliadhna prìosain agus bidh ainm air Clàr nan Drabastair fad deich bliadhna.
# sent_id = ns07_010
# text = Chaidh sagairt Caitligeach fhaighinn ciontach 'sa chùirt an Glaschu air chasaid gun tug e ionnsaidh dhrabasta air boireannach a bha ag obair na bean-taighe aige.
# sent_id = ns07_011
# text = Chaidh an t-Athair Urramach Daibhidh Brown a dhìteadh air dà chasaid drabastachd agus dà chasaid gun bhris e an t-sìth.
# sent_id = ns07_012
# text = Thèid binn a thoirt air a-rithist.
# sent_id = ns07_013
# text = Tha prìosain na h-Alba fhathast loma-làn dhrugaichean mì-laghail a-rèir Ard Fhear-Sgrùdaidh nam Prìosan.
# sent_id = ns07_014
# text = Ach tha Clive Fairweather cuideachd ag ràdha na aithisg gu bheil a’ chumhachd a th' aig na prìosain a-nise deuchainn dhrugaichean a dhèanamh air prìosanaich a' faighinn tomhais smachd air an t-suidheachadh.
# sent_id = ns07_015
# text = Tha Ministeir Foghlam na h-Alba Sam Mac a' Bhreatannaich ag ràdha nach bu choir do dhaoine cus iomagain a ghabhail mu cho beag de chloinn 's a chaidh do dh’aonadan Gàidhlig nan Eilean Siar as ùr am bliadhna.
# sent_id = ns07_016
# text = Air thuras a Leòdhas an-diugh, thuirt am Ministeir gu robh na h-àireamhan sìos is suas gach bliadhna agus gu robh - mar eisimpleir - dùil ri tòrr a bharrachd air clàs a h-aon ann an Steòrnabhagh an ath-bhliadhna.
# sent_id = ns07_017
# text = Tha rabhadh air tighinn mun chosgais a thuiteas air poilis na h-Alba air sgath a' mhilennium.
# sent_id = ns07_018
# text = Tha Àrd Chonnstabal Poilis a' Chinn-a-Tuath, Uilleam Robasdan, air leth a mhillean not a bharrachd iarraidh airson na feachd aige fhein - an dà chuid mu choinneamh sìth a chumail aig cuirmean mora na Bliadhn' Ùire, agus a' dèiligeadh le bug a' mhilennium.
# sent_id = ns07_019
# text = Dh’iarr Ball-Pàrlamaid nan Eilean Siar Calum Dòmhnallach air companaidhean na Gaidhealtachd 's nan Eilean dèanamh cinnteach gun cuir iad laghan ùra obrach an gnìomh.
# sent_id = ns07_020
# text = A' bruidhinn aig co-labhairt air laghan obrach ann an Inbhir Nis, thuirt Mgr Dòmhnallach gu bheil eagal air nach eil mòran chompanaidhean a' tuigsinn na còirichean a dh’fheumas iad a thoirt dhan luchd-obrach fo na laghan ùra.
# sent_id = ns07_021
# text = Dh’fhòn faisg air dà cheud boireannach gu loighne fòn a chaidh a stèidheachadh dhaibh-san a tha iomagaineach mu dheuchainnean aillse ann am meadhan Alba.
# sent_id = ns07_022
# text = Dh’aidich bùird slàinte Fìofa, Foithe agus Taobh Tatha an-dè gun dh’fhailich orra fios a chur air fichead mìle boireannach gu deuchainnean.
# sent_id = ns07_023
# text = Thuirt Ceannard Poilis Èirinn a Tuath airson a' chiad uair gu bheil e cinnteach gur e an IRA a bh' air cùl muirt draibheir tacsaidh ann am Beul Fearste air a’ mhìos a chaidh.
# sent_id = ns07_024
# text = Thuirt Ronnie Flanigan gu robh e air a bheachd a thoirt do Rùnaire Èirinn a Tuath Mo Mowlam agus gu robh e a-nise an urra rithe-se a dhèanamh a-mach an robh an IRA air am fois-fhòirneirt a bhriseadh.
# sent_id = ns07_025
# text = Tha Ministeir Slàinte na h-Alba air ath-sgrùdadh òrdachadh air siostam nan deuchainnean airson aillse muineal na machlaig ann am boireannaich - no cervical cancer, an deidh dha thighinn am follais gu robh fichead mìle boireannach nach deach tron deuchainn ceart.
# sent_id = ns07_026
# text = Dh’aidich trì bùird slàinte - Taobh Tatha, Fiofa agus Foirthe - nach do rinn iad an dleasdanas a thaobh nam boireannach mar bu choir.
# sent_id = ns07_027
# text = Chaidh Seanalair ann an arm Searbaich Bhosnia a chur an grèim anns an Ostair 's e fo chasaid gun rinn e eucoir an aghaidh Mhuslamaich 's Chroàiseanaich fhad 's a bha cogadh Bhosnia a' dol.
# sent_id = ns07_028
# text = Thèid an Seanalair Momir Talic air beulaibh tribunal eucoir cogaidh nan Dùthchannan Aonaichte anns an Hague.
# sent_id = ns07_029
# text = Gheall oifigear-stiùiridh Pàrlamaid na h-Alba, Sir Daibhidh Steele, gu faic daoine tòrr a bharrachd feum a' tighinn as a’ Phàrlamaid ùr a dh’aithghearr, ged a thòisich i car cugallach.
# sent_id = ns07_030